Thig am bàta àill iò
Ro àilleagan àill iò

Moch a-màireach haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Bidh m'athair innte àill iò
Ro àilleagan àill iò

'so mo thriùir bhràithrean haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Mo chèile donn àill iò
Ro àilleagan àill iò

air ràmh bràghad haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Gheibh iad mise àill iò
Ro àilleagan àill iò

air mo bhàthadh haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Togaidh iad mi àill iò
Ro àilleagan àill iò

air na ràmhan haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Mo thrusgan donn àill iò
Ro àilleagan àill iò

Snàmh na fairge haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Mo chuailean donn àill iò
Ro àilleagan àill iò

Am measg nan carraigean haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Mo bhroids airgid àill iò
Ro àilleagan àill iò

Am measg nan gainmheach haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Cha b'e 'n t-acras àill iò
Ro àilleagan àill iò

chuir dhan tràigh mi haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Miann an duileasg àill iò
Ro àilleagan àill iò

miann nam bàirneach haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Sòraidh eile àill iò
Ro àilleagan àill iò

gu mo phàistean haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Fear dhiubh bliadhna àill iò
Ro àilleagan àill iò

fear a dhà dhiubh haoi ò
Ro àilleagan àill iò

A'fear bliadhna àill iò
Ro àilleagan àill iò

nach eil làidir haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Dh'fhàg mi e àill iò
Ro àilleagan àill iò

as a' chùlaist haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Iarraidh e a-nochd àill iò
Ro àilleagan àill iò

cìoch a mhàthar haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Ma dh'iarr chan fhaigh e àill iò
Ro àilleagan àill iò

ach sùgan sàile haoi ò
Ro àilleagan àill iò

O mo mhollachd àill iò
Ro àilleagan àill iò

Aig bean eudaich haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Dh'fhàg i mise àill iò
Ro àilleagan àill iò

San sgeir bhàthte haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Thig am bàta àill iò
Ro àilleagan àill iò

moch a-màireach haoi ò
Ro àilleagan àill iò

Gheibh iad mise àill iò
Ro àilleagan àill iò

air mo bhàthadh. haoi ò
Ro àilleagan àill iò, haoi ò
Ro àilleagan àill iò


Lyrics submitted by xrowanbraex

Thig Am Bàta song meanings
Add your thoughts

1 Comment

sort form View by:
  • 0
    General CommentI've heard (or at least I think I've heard) that the title of the song is, in English, "The Boat Will Come".
    Golden Morphoon August 27, 2015   Link

Add your thoughts

Log in now to tell us what you think this song means.

Don’t have an account? Create an account with SongMeanings to post comments, submit lyrics, and more. It’s super easy, we promise!

Back to top
explain