Tha mulad, tha mulad
Tha lionn-dubh arm fhéin
Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó
Tha de mhingin air m'aire
Nì nach aidich mo bheul
Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó

M'an àganach ghasda ùr
Mharcach nan steud
Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó
M'an taca seo 'n uiridh
Bu thoil leat m' fhuran ro cheud
Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó

Cha mhò ort mi'n blìadhna
Na eunlaith nan speur
Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó
Chan inns mi dha m' phiuthair
Meud mo chumh as do dhéidh
Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó

Na dha m' mhàthair a rug mi
Chuir mi cudthrom 'na ceum
Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó
Tha sac trom air mo chridhe
Nach tog fìdheall nan teud
Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó

Ach a Mhairead nan cuiread
'S dàn a chuir tha arm breug
Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó
Thilg thu arm-sa mar aileis
Nach b'uilear dhomh 'm bréid
Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó

Gu robh leanabh am pasgadh
Fo asna mo chéibh
Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó
Cuim nach innseadh tu'n fhìrinn
Mar a dh'innsinn ort fhéin
Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó

Ann an làthair mo thighearn
Far am bithinn 's tu réidh
Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó
Thilg thu arm-sa mar dhearrais
Gu robh m'athair an éis
Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó

Cha b'ionnan dha m'athair
'S dha d' athair-sa fhéin
Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó
Cha b'ionnan dha'n taighean
'N àm laighe do'n ghréin
Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó

'S ann a gheibhte 'n taigh d'athar-s'
Cinn is cnamhan an éisg
Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó
'S ann a gheibhte 'n taigh m'athar-s'
Cinn is casan an fhéidh
Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó


Lyrics submitted by xrowanbraex

Mairead Nan Cuiread song meanings
Add your thoughts

No Comments

sort form View by:
  • No Comments

Add your thoughts

Log in now to tell us what you think this song means.

Don’t have an account? Create an account with SongMeanings to post comments, submit lyrics, and more. It’s super easy, we promise!

Back to top
explain